Oran Na Maighdinn-mhara Ishbel MacAskill

Lyrics

  • Song lyrics Redakcja
A mach air bharr nan stuadh ri gaillionn
Fuachd is feannadh fad 'o thìr
Tha mo ghaol dhuit daònan fallainn
Ged is Maighdinn mhara mì

Sèist:
Hùbha i 's na horaibh hùbhaidh
Hùbha i 's na horaibh hì
Hùbha i 's na horaibh hùbhaidh
'S ann le foill a mheall thu mì

Chaneil mo chadal-sa ach luaineach
'Nuair bhios buaireas air an tìd'
Bha mi 'n raoir an Coirre Bhreacainn
'S bi mi nochd an Eilean I

Seall is faic an grunnd na fairge
Uamhan airgiod 's òr gun dìth
Lainnearachd chan fhaca sùil Em
Ann an cuirt no lùchairt righ




Rate this interpretation
contributions:
Redakcja
Redakcja
anonim